Clann Gàidhlig - Ag adhartachadh ar cànan 's ar cultar
DACHAIGH A' BHUIDHEANN AGAINN NAIDHEACHD TACHARTASAN FOGHLAM CEANGLAICHEAN CUIR FIOS THUGAINN
CÒMHRADH

DEALBHAN







A' Bhuidheann againn



Tha ar amasan mar a leanas:

Bidh sinn a cur air dòigh prògram de thachartasan sòisealta agus oideachail tron bhliadhna airson ar amasan a thoirt gu buil.


Ged a tha mòran dhaoine a smaoineachadh gu bheil na h-eileanan agus a’ Ghàidhealtachd an aon àite far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast beo, ‘s e an fhìrinn a th’ann gu bheil a mhòr chuid aig a bheil Gàidhlig a fuireach taobh a-muigh na sgìrean seo. An-dràsta, tha mòran dhaoine le Gàidhlig a fuireach ann am Meadhan na h-Alba, gu h-àraidh ann an Glaschu agus Dùn Eideann. A rèir a’ chunntas-sluaigh 2001 bha còrr is 3700 daoine le comasan anns a’ chànan anns na sgìrean againn fhèin.


O’ chionn fhada, tha an Abhainn Chluaidh air a bhith an ceann-uidhe no àite-fhagail airson muinntir na Ghàidhealtachd nuair a bha iad a siuibhal eadar na h-eileanan agus an Tìr Mòr no nas fhaide air falbh – a dh’ Aimeireaga, Canada, no tìrean cèin eile.

Tha ClannGàidhlig ag aitheanachadh an taic ionmhasail a tha iad a faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus na comhairlean.