Clann Gàidhlig - Ag adhartachadh ar cànan 's ar cultar
DACHAIGH A' BHUIDHEANN AGAINN NAIDHEACHD TACHARTASAN FOGHLAM CEANGLAICHEAN CUIR FIOS THUGAINN
CÒMHRADH

DEALBHAN







Foghlam



‘S e cànan duthchasal as sine ann an Alba a th’ann an Gàidhlig agus, aig aon àm b’e cànan na h-uaislean agus a’ Chuirt Rìoghal a bh’innte. Ann an 19mh linn agus toiseach an 20mh linn chrion àireamh na fileantaich, ach o’chionn 30 bliadhnaichean tha a’ Ghàidhlig a’ fàs nas làidire. An-dràsta tha uimhir de luchd-ionnsachaidh a’ fàs gu luath le taic bhon Rìoghaltas, mar eiseimpleir - Achd Chànan Ghàidhlig 2005 far a bheil buidhnean poblach plànaichean Gàidhlig leasachadh agus a cur an sàs.


B’ e Gàidhlig cànan na h-Albannaich (na “Scotii”). Tha tòrr faclan Albannach againn an-diugh aig a bheil freumhan anns a’ Ghàidhlig agus bidh eòlas nas doimhne mun eachdraidh is cultar na h-Alba againn ma tha sinn eòlach air a’ chànan. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt choileanta den dualchas againn agus tha e na iongantas de cho làidir sa tha na ceanglaichean eadar ar còmhradh làitheil, ainmean pearsanta, ainmean-àite agus a’ Ghàidhlig.


Thairis air na bliadhnaichean tha tòrr adhartasan cudthromach air a bhith a tachairt a thaobh a’chànan :

Tha ClannGàidhlig ag aitheanachadh an taic ionmhasail a tha iad a faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus na comhairlean.