CÒMHRADH
DEALBHAN
Seachdain Ionnsachaidh Teaghlaigh
Bho 5mh Iuchar 10
[04/02/2010]
Bidh cothrom sònraichte ann airson teaghlach pàirt a gabhail ann an seachdain ionnsachaidh anns an Eilean Sgitheanach an t-Samhradh sa tighinn. Thèid an tachartas seo a chuir air dòigh leis a’ bhuidheann CLADRG airson teaghlach far a bheil clann a’ gabhail pàirt ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus far a bheil na pàrantan ag iarraidh na sgilean cànain aca a leasachadh.
Thèid an seachdain seo a’ chumail eadar 5-9mh an t-Iuchar aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh seo an t-seachdamh bliadhna den phàirteachas eadar CLADRG agus a’ cholaiste.
Bidh clasaichean nam pàrant ann aig iomadach ìrean, bidh sgeama-cluiche ann airson clann aois-sgoile agus bidh fàilte chridheil ann aig Fàs Mòr airson clann fo aois-sgoile. An uiridh thàinig 32 teaghlaich dhan cholaiste airson pàirt a ghabhail ann an tachartasan a bha càirdeil agus feumail airson sgilean leasachaidh agus airson deagh spòrs fhaighinn aig an aon àm.
Bidh tuilleadh fiosrachaidh, agus fòirmichean-iarrtas, ri fhaighinn bho na sgoiltean agaibh no bho Roinn Fhoghlaim a’ Chomhairle Ionadail. Ma tha sibh ag iarraidh cuideachadh sam bith, cuiribh post-d dhan co-òrdanaiche aig flw.clad@yahoo.co.uk.
Feumaidh na h-iarrtasan a bhith a-steach ron 12 mh Màrt agus cuiridh an co-òrdanaiche fios dhan teaghlach gu lèir aig toiseach a’ Ghiblean cò bhios a’ faighinn àite.
Rinn CGadmin an teachdaireachd seo.
Airson barrachd fhiosrachaidh mun chuspair seo, cuir fios thugainn aig ClannGáidhlig
![]() | ![]() |







